Mairidh an Dochas

Mairidh an Dochas 100 Latha a Dh'atharraich Alba Gu Brath

Paperback (10 Sep 2015)

Not available for sale

Includes delivery to the United States

Out of stock

This service is protected by reCAPTCHA and the Google Privacy Policy and Terms of Service apply.

Publisher's Synopsis

Sgeulachd na h-iomairt a thug crathadh don RA gu a bun, mar a thachair e, agus a' bhuaidh a bhios aig an iomairt airson neo-eisimeileachd na h-Alba air poileataigs ann am Breatann san àm ri thighinn.

Tha Ailig Salmond air a bhith gu mòr airson neo-eisimeileachd na h-Alba fad a bheatha. San t-Sultain 2014 thàinig e glè fhaisg air sin a thoirt gu buil.

Ann an leabhar-latha inntinneach, air a sgrìobhadh na dhòigh eirmseach fhèin, tha Salmond gar toirt a-steach gu cridhe na h-iomairt BU CHÒIR, a' sealltainn dè chaidh a ràdh agus a chaidh a dhèanamh air cùlaibh gnothaich fhad 's a bha an iomairt a' ruighinn àird na teasaich.

Tha e a' sealltainn mar a thug iomairt BU CHÒIR ath-bheothachadh do dh'Alba air fad agus mar a rinn e ath-sgrìobhadh air na riaghailtean airson iomairt phoilitigeach am measg an t-sluaigh, chan ann a-mhàin san RA ach air feadh an t-saoghail.

Tha e cuideachd a' coimhead air adhart ris "a' cheist nàiseanta" chudromaich ann am poileataigs ann am Breatann, a' dèanamh gu math soilleir nach b' e deireadh na cùis a bha san reifreann ach am fìor thoiseach. Tha an dòchas airson neo-eisimeileachd na h-Alba cho fallainn 's a bha e a-riamh.

Book information

ISBN: 9780008158736
Publisher: HarperCollins Publishers
Imprint: William Collins
Pub date:
DEWEY: 320.1509411
DEWEY edition: 23
Number of pages: 291 , 16 unnumbered of plates
Weight: 358g
Height: 135mm
Width: 215mm
Spine width: 27mm